Gymnippers Diciadain
Màrtainn Mac an t-Saoir
List Price £8.99
This item is normally dispatched between 10 and 21 working days, depending on availability.
Fear is tè. DJ agus caroline, a' coinneachadh ri linn a bhith toirt an cuid chloinne gu Gymnippers an Dùn Èideann. Fhad 's a bhios a' chlann ag eacarsaich, fàsaidh iadsan eòlach air a chèile. Is fàsaidh sinne eòlach orrasan - is air iomadach neach eile a tha a' suathadh nam beatha.
Tha a' bheatha sin ga nochdadh dhuinn fad mu ochd mìosan air bhliadhna shònraichte. Is fhad 's a tha sinn a' leantainn caran is tionndaidhean an sgeòil, cuirear fa ar comhair na bha dha-rìoribh a' dol san t-saoghal a-muigh, o thachartais eadar-nàiseanta gu feadhainn bheag nach fiosraicheadh mòran. Tha an colmadh gar toirt gu domhainn a-staigh a shaoghal làitheil pearsachan an leabhair.
'S e saoghal làn cainnt a tha sin. Bha e soilleir o Ath-Aithne gu robh alt iongantach aig an ùghdar seo air còmhradh. Agus abair gu bheil sin an seo, eadar sgaoilteach mhòr dhaoine, an Alba is thall thairis.
Còmhraidhean mu cheistean an latha, mu eachdraidh, mu dhualchas, mu theaghlaichean. Is gu h-àraidh còmhraidhean mun deidhinn fhèin aig an dithis a choinnich aig Gymnippers. Saoil dè tha romhpa?
Choisinn an leabhar seo - a' chiad nobhail aig Màrtainn - aite air Geàrr-Liosta Duisean Litreachais an Saltire Society (direach mar a rinn An Latha as Fhaide). DJ ags Caroline a' tighinn còmhla aig clas Gymnippers ann a Dùn Èideann. Mar a thuirt Aonghas MacNeacail 'fuirichidh e fada beò ann am mac-meanmna an leughadair.'
The two main characters in this Gaelic novel meet most Wednesdays while their respective children are in the gym. Their understanding of one another's lives, and feelings for one another, slowly grow.
Reader Reviews
- No reviews of Gymnippers Diciadain have been submitted yet - Be the first to submit your review
Book Details
ISBN: 9781900901185
Publisher: Clàr
Publication Date:
30 September 2005
Format: Paperback
Language: Scottish Gaelic
Pages: 350 p.







Share this book
Tweet